Fàilte

Tha sinn an dòchas gun còrd na duilleagan Gàidhlig ribh. 'S ann mar phàirt dhe iomairt gus barrachd dualchais a thoirt a-steach dhan Chaidreachas. Tha sinn an dùil gum biodh sgrìobhadairean eadar-ealaichte ann, agus measgachadh de chuspairean. Ma bhios sibh a' cur facalan air pàipear bho àm gu àm, carson nach smaoinich sibh oirnne?

Crofter 98 - An Tuirneap

Tuirneap/tuineap/snèip/nèip – tagh an t-ainm a thogras tu, ach ‘s e brassica napobrassica a tha mi a-mach air an seo – biadhadh a nì feum mòr ann a bhith geamhrachadh crodh.

Tha fhios again uile cho math ‘s a tha feur a’ fàs an taobh an iar thuath de dh’Alba. ‘S e an duilgheadas, a ghlèidheadh airson a’ gheamhraidh. Ma tha e furasta silage a dhèanamh tha sin gasta, ach uaireannan chan eil, no tha gu bhith cosgail. ‘S math a b’fhiach e mar sin cuimhneachadh air an tuirneap bhochd. Tha obair na lùib gun teagamh, ach chan eil an obair sin a’ crochadh uiread air an t-sìde ‘s a tha obair feòir de sheòrsa sam bith.

Feumaidh an talamh a bhith air obrachadh gu math airson fras tuirneip a chur, talamh dearg mas urrainn, agus ma tha inneal air an tractor a nì pronnadh ‘s e sin as fheàrr. An dèidh do na planntraisean tuirneip a nochdadh feumaidh an tanachadh, agus ma tha sgioba agad tha an obair ga aotramachadh agus bidh spòrs ann eadarra. Ma tha caraidean a’ fuireach bhon bhaile mhòr, còrdaidh obair mar sin riutha! Chan eil ann an dèidh tanachaidh ach an grunnd a chumail glan gus am fàs na bàrran mòr gu leòr airson na luibhean a mhùchadh. Tha an tuirneap a’ cinntinn gu anmoch sa bhliadhna, gu dearbh bha an tuirneap againn fhathast a’ fàs aig àm na Nollaig an uiridh. Ghabhadh beathaichean a bhiadhadh le bhith gan leigeil a-staigh don achadh, ach leis cho fliuch ‘s a tha an talamh buailteach a bhith aig deireadh na bliadhna, tha e nas ciallaich a bhith togail an tuirneip agus ga toirt dhaibh ann an àite cruaidh, no sa bhathach ma tha iad a-staigh. Tha sgian shònraichte le cromag oirre airson tuirneap a thogail, agus tha sin a fàgail an obair sin nas fhasa. Feumar cuimhneachadh ge-tà an cudrom iongantach a th’ ann an lod tuirneip; bha bliadhna ann a b’fheudar dhomh-sa treilear làn tuirneip a thrèigsinn air bruach air nach faigheadh an tractor greim gu leòr airson dìreadh. Thug mi fad latha le bara-roth gan toirt dhachaidh!

‘S e an dòigh as fheàrr a bhith gam biadhadh, an cur tro ghearradair. Tha na seann “root cutters” rim faighinn fhathast, chaidh an dèanamh gu trom làidir às iarrainn tiugh. Bheir beagan mhionaidean de rothaigeadh biadhadh a chòrdas gu mòr ris a’ chrodh. Ged a tha cuid de luchd saidheans ag ràdh gur e dòigh chosgail a tha san tuirneap a bhith biadhadh uisge, cha rachainn le sin idir, nì uisge mar sin diofar mòr dhaibh!

Gabhan Mac a' Phearsain

Crofter 97 - Sguaban arbhair

Bhon a chaidh dealbh de sguaban arbhair a chur ri taobh an artagail mu dheireadh agam, bha mi smaointinn gun sgrìobhainn air arbhair an turas seo!

Nach e rud samhlachail a tha san arbhar? Mar a thuirt an sean fhacal: ‘S e an t-ullachadh a nì buileachadh, à treabhadh thig na sguaban, à sguaban thig na h-adagan, à adagan na cruachan. Sin prìomh obair an àiteachais, siol a chur airson arbhar a bhuain san fhoghar. Tha mi an-diugh a’ faireachdainn fortanach gu bheil cuimhne agam air an obair sin fhaicinn san dòigh tradaiseanta, arbhair ga bhuain le binder no eadhon le speal, no le inneal-geàrraidh corragach nuair a bha thu am feum na sguaban a cheangail le bann de sràbhan.

Bha thu an uair sin a’ cur sia no uaireannan ochd sguaban suas an aghaidh a chèile nan adag, agus nuair a bha mise ga dhèanamh ann an Eilean Idhe comhla ri fear Jimmy Beaton bhitheamaid a’ cur bann eile mun cuairt air an rud air fad. Bha e mar sin rudeigin seasmhach an aghaidh na gaoithe, agus ghabhadh a chur ann an toitean (huts) nuair a bha e gu ìre mhòr air tiormachadh. Sheasadh an arbhar mar sin gus am biodh e uile gu lèir tioram agus a ghabhadh cruachan a dhèanadh dheth a bhiodh dìonach an aghaidh stoirmean a gheamhraidh.

‘S fhada bho bha daoine a’ bleith an t-sil airson min, agus mar sin chan fhaca mise arbhar ga bhualadh ach a mhàin le muilnean mòra agus na h-innealan buana “combine” a chì thu sna h-achaidhean eòrna an taobh an ear Alba. A rèir Osgood MacCoinnich, a’ sgrìobhadh aig toiseach na ficheadamh linn, bha an cleachdadh air dol à bith ann an Geàrrloch – “‘s gann gu bheil bolla mine ga bhleith air croit sam bith an-diugh agus tha na muilnean a’ tuiteam as a chèile”.

‘S gann gu bheil sìol coirce no eòrna ga chur idir sa Ghaidhealtachd an-diugh gun luaidh air a bhleith. Chì sinn ge-tà corra chroitear a’ cur agus a’ buain le taic-airgid bho na sgeimichean àrainneachd, ach sin gus na h-eòin leithid nan gealagan buachair a bhrosnachadh. An àite sgeime àrainneachd, nach biodh e na bu fhreagarraich sgeime taic-airgid cultarach a bhith ann gus na cleachdannan tradaiseanta ath-bheothachadh? An uair sin an dèidh bualaidh is bleith, ghabhadh aran-coirce agus aran eòrna dèanamh. Beò shlàinte do chroitearan a bharrachd air na h-eòin!

Gabhan Mac a' Phearsain

Crofter 96 - A’ meomhrachadh air feur

An dèidh earrach cho tioram ‘s a chunnaic sinn riamh, chan eil e nis cho soirbh sìde mhath fhaighinn airson feur a dhèanamh. Carson ge-tà, feur an àite silage?

Chan fheum thu ach latha no dhà tioram airson silage a dhèanamh. Ach tha grunn adhbharan nach eil silage cho freagarrach don chroit bheag. Tha cosgais àrd, an dàrna cuid airson innealan, no airson cuideigin a phàigheadh aig a bheil na h-innealan sin; agus sa gheamhradh, ma tha thu ag obair tron latha, tha e tòrr nas fhasa beagan feòir a thilgeil do na beothaichean, gu h-àraidh ma tha iad a-staigh.

Dè ma-tà, an dòigh as èifeachdaiche air feur a dhèanamh ann an taobh an iar Alba? B’ àbhaist croitearan a bhith dèanamh chocannan no rucan, agus ma tha trì làithean tioram agad, tha sin èifeachdach ged a tha obair mhòr nan lùib. Bha mi fortanach an samhradh seo, a bhith thall ann an Romania, far am faca mi feur ann an cocannan, agus ann an cruachan, le stoidhle eadar dhealaichte bho sgìre gu sgìre. Tha samhraidhean tioram teth acasan ge-tà agus ‘s e dìth innealan, no ‘s dòcha cosgais innealan a tha gan cumail ris na dòighean tradaiseanta.

Aig aon àm ann an Alba, bha inneal-tiormachaidh ga mholadh mar fhuasgladh don t-sìde dhoirbh. Bhiodh tu a’ bèileadh an fheòir mum biodh e buileach tioram, agus bhiodh gaotharan san t-sabhal a’ cur crioch air an tiormachadh. Bha seo cosgail ann an connadh, agus an-diugh cha bhiodh e idir glic.

Tha an t-sìde ann an Nirribhidh san t-samhradh gu math coltach ris an t-sìde againn, agus ‘s e an dòigh thradaiseanta acasan, am feur a thiormachadh air feansaichean, a tha gan cur suas a dh’aona-ghnothach, le stobannan caola air an gearradh bhon choille agus uèir lùbach. ‘S e an rud sònraichte mun dòigh seo, gu bheil iad a’ crochadh an fheòir air na uèirichean nuair a tha e ùr, an latha a thèid a ghearradh. Tha obair an lùib na dòigh seo cuideachd, ach ma tha aon latha tioram airson am feur a ghearradh ‘s a chrochadh, ‘s e sin a tha dhìth, chan eil an còrr obrach ann ach am feur a thoirt dhachaidh nuair a tha e tioram.

Obraichidh an dòigh seo glè mhath an taobh an iar na Gaidhealtachd, tha sinne air a dhèanamh iomadach turas, ach feumaidh tu pòlaichean gu leòr, agus uèir lùbach, agus luchd-obrach. ‘S e saothair a th’ ann, ach aig deireadh an t-samhraidh, chan eil sion nas fheàrr na sabhal làn agus boltrach cùbhraidh an fheòir.

Gabhan Mac a' Phearsain

Crofter 95 - Treabhadh

An dèidh beagan sheachdainean de shìde thioram, agus an talamh mu dheireadh thall a’ call na fliuchad a th’ air a bhith gar sàrachadh fad a’ gheamhraidh, tha mi faicinn tractair a-mach an siud ‘s an seo aig obair an earraich, agus ‘s e a’ chiad phàirt dhith sin an treabhadh. Thug an sealladh sin smuain no dhà gu m’ inntinn mun obair aosta seo.

Nuair a thèid an crann sìos don talamh, tha an sgian a’ geàrradh dìreach, tha an soc a’ geàrradh tarsainn, agus thèid an sgrìob a thogail agus a thionndadh leis a’ bhòrd-ùireach. Seo am prionnsabal airson cha mhòr a h-uile crann-treabhaidh a chaidh a chur am feum sa Ghaidhealtachd bhon 18mh linn gu an latha an-diugh. ‘S ann air dà adhbhar gu sònraichte a tha sinn a’ treabhadh; a’ chiad fhear, airson casg a chur air luibhean le bhith gan cur fodha, agus an dàrna fear, airson an talamh a bhriseadh gus a dhèanamh freagarrach airson sìol a chur.

Nuair a thèid an treabhadh gu math, ‘s e obair air leth tlachdmhor a th’ ann, agus ma thèid a dhèanamh gu grinn, tha e an dà chuid taitneach don t-sùil agus nas fhasa a h-uile obair eile dhèanamh. ‘S ann air tàilleabh sin a bhios duais aig co-fharpais treabhaidh airson iomaire rèidh “the levellest rig on the field”, Bliadhna no dhà air ais, bha a’ bhean agam a’ cur iomradh anns a’ phàipear ionadail mu na duaisean aig tè de na farpaisean seo. Chaidh am fiosrachadh a chur thuice ann an làmh sgrìobhadh nach robh cho grinn ris an treabhadh an latha sin. Cha robh i dèanamh a-mach cuid de na bha sgrìobhte. Nuair a nochd am fiosrachadh sa phàipear, bha iomradh air duais airson “the loveliest rig on the field” Ach, dh’fhaoidte nach robh an dà thuairisgeul sin cho fada bho chèile co-dhiù!

Bha e na bhrosnachadh gun robh latha-trèanaidh airson treabhadh sa bhaile againn an uiridh air an robh 15 duine. Chaidh a shealltainn dhuinn ciamar a sheatas tu an crann gus sgrìob ghrinn a thionndadh agus ciamar a chumas tu an sgrìob sin dìreach. Tha e tràth fhathast, ach tha mi an dòchas gum bi crann no dhà a bharrachd ga chur san talamh sna bliadhnaichean a tha romhainn, talamh a bha uair tarbhach agus a dh’fhaodadh a bhith a rithist’.

‘S e an t-ullachadh a nì ‘m buileachadh

À treabhadh thig na sguaban

À sguaban thig na h-adagan

À adagan na cruachan

Gabhan Mac a' Phearsain

Crofter 93 - Gliocas bho bheul-aithris

Bha mi aig Cruinneachadh nan Croitearan am-bliadhna agus rudeigin a chòrd rium gu mòr aig an dìnnear, ‘s e Domhnall Iain MacIlleFhinnein, a bha na bheat san Eilean Sgitheanach fad iomadh bliadhna, ag innse naidheachdan, feadhainn èibhinn, feadhainn feumail agus feadhainn dhiubh an dà chuid.

Nuair a bha mi ag èisteachd ris an naidheachd mun tart ann am beathach agus na diofar sheòrsachan de dh’ ola a chaidh a mholadh airson a leigheas, leis na diofar eòlaichean às a’ choimhearsnachd, bha e bualadh orm gum bi mòran de na seann leigheasan a’ dol air dìochuimhne mura bi iad air an glèidheadh an dòigh air choireigin.

Chuala mi corra eisimpleir mi fhìn, mar dhòigh air fiabhras bainne a leigheas, agus sin le bhith bleith fhaochagan slàn gus am biodh iad nan taois a rachadh a bhiadhadh don mhàrt bhochd. Ma tha seo ag obair, tha mi creidsinn gur ann air sgàth a’ chalcium sna sligean a’ ceartachadh cion an stuth sin ann am bodhaig na bà.

‘S ann bhon aon bhodach a chuala mi mu leigheas airson a’ mhuin dheirg. ‘S e sin uinnean a phronnadh agus a bhiadhadh don bheathach, ach chan urrainn dhomh ràdh a bheil sin ag obair no nach eil.

Chan e a-mhàin na seann leighisean a tha gan toirt dhuinn le beul-aithris ach tha gliocasan ann mu dhòighean obrach a tha tric stèidhichte air bliadhnaichean de ghnàth-eòlas. Mar eisimpleir trusadh nan caorach far monadh creagach, no bancaichean iasgaich far am faighear iasg ann am pailteas.

Tha cuimhn’ am air bodach às a’ Mhorbhairne innse dhomh mu dhòighean air sìol a chur; gum biodh tu ga chur cho tiugh ‘s gum faiceadh tu seachd gràinneachan anns gach làrach a dh’fhàg ìngnean an eich. Bha cuideachd molaidhean aige air flagais a dhèanamh. Chuireadh tu sreathan de dh’innear, feamainn agus raineach air muin a chèile, agus chumadh tu a’ dol mar sin. Nuair a bha am flagais air grodadh sin am mathachadh a b’fheàrr a chuireadh tu air an fhearann.

Tha mi cinnteach gu bheil tòrr de leithid seo sna clàraidhean aig Sgoil Eòlais na h-Alba agus ‘s math gu bheil. Tha na clàraidhean a-nis a’ nochdadh air an eadar-lìn tro shaothrachadh Tobar an Dualchais, agus ‘s e goireas air leth a tha sin. ‘S e an dùbhlan a tha romhainn a-nis, an cumail beò, air ar teangannan agus gu dearbh mas urrainn, ann an cleachdadh.

Gabhan Mac a' Phearsain

Crofter 92 - A’ cur fàilte air na croitearan òga

Bha e na bhrosnachadh leughadh mun bhuidheann Croitearan Òga sa Chrofter mu dheireadh.

Mar a tha fhios againn uile, tha a’ mhòr chuid de chroitearan caran suas ann am bliadhnachan, agus ged a tha sin a’ ciallachadh gu bheil eòlas mòr aca agus ‘s dòcha gliocas cuideachd, dè thachras nuair a bhios iad tuilleadh is sean airson obair a dhèanamh. Cò thig as an dèidh? Chan eil mòran earbsa ga chur sna daoine òga nas motha, le cuid. Cluinnidh sinn a leithid “O chan eil ùidh aig òigridh ann a bhith ag obrachadh croit, chan eil iad ag iarraidh ach làrach-taighe”

Uill tha mi toilichte innse, de na trìùir chàraidean òga (’s e sin fo 40 bliadhna, òg sa latha a th’ ann) a fhuair croitean sa bhaile againn sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, tha iad uile an sàs ann an obair croitearachd. Tha crodh aig dithis dhiubh agus bha e na thlachd a bhith faicinn cho dìleas ‘s a chaidh sùil a chumail air na màirt aig àm breith agus as a dhèidh nuair a bha duilgheadas aig aon mhàrt le sine a bha ro mhòr don laogh a bha feuchainn ri deoghal as. Tha na sgilean a dh’fheumas croitear gan togail beag air bheag agus le deòin. Mar eisimpleir, rùsgadh chaorach. Tha dithis no triùir am-bliadhna a tha comasach air sin a dhèanamh seach dà bhliadhna air ais. Tha mucan air a bhith a’ nochdadh air croitean sa bhaile cuideachd, agus sgilean buidsearachd gan ionnsachadh bhon fheadhainn aig a bheil iad. Bha feansaichean ri ùrachadh air a’ mhonadh agus ‘ s iad an fheadhainn òga a theann ris an obair sin, agus a chuir crìoch air.

Chan eil na croitean sa bhaile seo ach beag agus mar sin chan eil duine gu bhith dèanamh mòran prothaid asta, ach nì toradh nan croitean feum mòr ann a bhith cur biadh math, blasta air truinnsearan muinntir a’ bhaile. Agus, tha e toirt daoine nas dlùithe ri chèile, togail chàirdeasan, a tha feumail ann an àite far a bheil a’ mhòr chuid a’ falbh gu obair gach madainn agus a’ tilleadh air an oidhche gun a bhith bruidhinn ris na nàbaidhean.

Agus, aon rud eile, tha na croitearan òga sa bhaile seo an dàrna cuid air taigh ùrachadh no a tha a-nis a’ togail thaighean dhaibh fhèin. ‘S iad a tha airidh orra!

Gabhan Mac a' Phearsain

Crofter 91 - Seann innealan agus cosgais innealan ùra

Uill, thàinig an t-earrach mun robh sinn buileach deas air a shon!

Gu h-obann am meadhan a’ Ghiblein dh’fhàs an t-sìde blàth, agus thòisich am feur air fàs.

Thàinig a’ chuthag agus na gobhlain ghaoithe agus sguir sinn biadhadh nam beathaichean cho tràth ‘s a sguir sinn riamh. Cha b’fhada an uair sin gus an robh am buntàta air a chur, agus feur agus sìol eòrna cuideachd.

Chan e gu bheil mòran dhiubh sin againn, chan eil sinn ach a’ treabhadh iomaire beag agus a’ cur sìol agus an ath bhliadhna cur buntàta ‘s a’ bhliadhna an dèidh sin sìol coirce a rithist le fras feòir gus an tèid e air ais gu feur. ‘S e iomairean beaga tha mi a-mach air an seo, mòr gu leòr gus buntàta a chumail air ar truinnsearan tron gheamhradh, ach beag gu leòr gus nach bi tuilleadh ‘s a chòir obrach ann a bhith gan cumail glan.

Tha inneal againn a-nis airson buntàta a thogail agus tha sin a’ dèanamh diofar mòr, togaidh sinn am buntàta ann an aon fheasgar, seach lathaichean de dh’obair leis a’ ghràp. Ach tha innealan airson an tractair an dà chuid nan cuideachadh agus nan crois. Mura bheil thu dol a chosg fortan ann a bhith ceannach innealan ùra, tha thu ag obair le seann innealan a bhitheas buailteach briseadh.

Cha bhi iad uair sam bith a’ briseadh nuair a tha iad nan tàmh sa gheamhradh, ‘s ann nuair a tha thu gan cur am feum a tha iad a’ briseadh! Bidh an t-inneal-geàrraidh a’ briseadh nuair a tha thu a’ gearradh feur, bidh an t-inneal-tionndaidh a’ briseadh nuair a tha thu a’ tionndadh feur agus mar sin air adhart. Agus sin gun luaidh air an tractar fhèin! ‘S e MF 35x a th’ agam agus mar sin chan eil e buileach na “chlasaig” ach tha luach ann a thaobh aois – dà fhichead bliadhna a-nis. Tha e furasta gu leòr a bhith cosg nan ceudan de notaichean gach bliadhna ann a bhith ga chumail a’ dol - ach tha e na thlachd a bhith ag obair leis nuair a tha e a’ dol.

Dè freagairt a th’ ann ma-tà? Contractor a chleachdadh? Iasad fhaighinn bhon bhanca agus a’ ceannachd uidheaman ùra? no ‘s dòcha a bhith co-obrachadh le nàbaidh, mar a tha mi fhìn a’ dèanamh le cuid de na h-innealan. Tha sin a’ gearradh na cosgaisean airson gach duine. Agus ma ghabhas e obrachadh, b’ fhiach e buidheann a chur air dòigh airson innealan math a cheannach, rud a chuala mi, nuair a bha mi thall an uiridh, a tha cumanta ann an Nirribhidh.

Bhiodh e math sgeime taic-airgid a bhith ann airson a leithid mar a bha bhon t-seann Bhòrd Leasachaidh aig aon àm.

Gabhan Mac a' Phearsain

Crofter 89 - Mun àm seo dhen a’ bhliadhna

Mun àm seo dhen a’ bhliadhna, tha corra ghalaran air aire chroitearan aig a bheil stoc.

’S docha gur h-e an glupad as mò a ni call air crodh is caoraich air a’ Ghàidhealtachd agus ann an Sealtainn; tha dùil aig muinntir SAC ri call mòr a-rithist am-bliadhna air a sgàth. Bhiodh e glè dhoirbh cur às dhan a’ ghlupad, oir tha e na chreutair aig a bheil beatha gheur-innleach toinnte.

Cuimhnicheamaid gu bheil a làthaireachd an crochadh ri na tha ann as t-samhradh de sheilcheagan beaga – tha mu threas cuid m’ ìngne annta - a tha beò san talamh fliuch a tha pailt an ceann an iar-thuath Alba. Bidh larbhaidh a’ ghlupaid a’ meudachadh anntasan, mus sgaoil iad anns an fheurach gun tèid an ithe le beathach.

Nì an glupad call air a’ ghruthan. Tha bàs aithghearr bitheanta leis ann an caoraich, ach ma thig am milleadh mean air mhean, ’s dòcha thairis air mìosan de thìm, nochdaidh comharraidhean nas fhaide air adhart dhan a’ gheamhradh; caillidh stoc òrdan, agus chithear balg-fo-chraicinn mun àmhach aca – oedema ris an canar ‘am poca’. Mar a bh’ aig am bàrd Alasdair MacFhearghuis às na Hearadh ann an Òran a' Ghlupaid: Ged bhiodh chemist 's e ri taobh 'Son 'refinadh' na fala An tè air an tig am poca tràth Bheir am bàs leis i as t-earrach. ’Sna seann làithean bhiodh croitearan a’ fosgladh caora a bha air bàsachadh, agus fhuaradh a-mach leotha gruthan air seacadh agus ‘liabagan beaga’ na bhroinn, oir tha coltas liabaige air a’ ghlupad.

Thèid cur às dha le dòs airson caoraich, agus snathad no pour-on airson crodh. Chan eil dìon an aghaidh nan drogaichean na thrioblaid mòr fhathast, ach tha e air ceann a thogail ann an corra aitidhean. Tha pour-ons ùra a’ chruidh cuideachd èifeachdach an aghaidh biast a’ chraicinn, no mialan mar a chanas cuid riutha.

Lorgar biast a’ chraicinn ann an clòimh chaorach cuideachd, ach chan eil i idir cho callmhor ris a’ chlaimh no scab. “Millidh aon caorach chlaimheach an treud” their an seanfhacal, agus sgapaidh i eadar treudan chaorach gam measgachadh air talamh cùl-cinn. Feumar diobadh deireadh an fhoghair, no snathad de chaochladh sheòrsaichean.

Bho rinneadh gnothach saor-thoileach seach riatanach dhen diobadh ann an - ma ’s math mo chuimhne - 1992, tha a’ chlaimh a-rithist air fàs bitheanta ann an corra aitidhean air a’ Ghàidhealtachd; ged-tà, chan eil i idir ann an Sealtainn, far a bheil lagh pàrlamaid ag òrdachadh gum faigh a h-uile caora, reithe is uan a thèid a cheannach a-steach snathad doramectin aig a’ chidhe ann an Lerwick.

Cho math ris a’ chlaimh is ris na biastan, gheibhear cuidhteas an gartan agus am mial-chaorach leis an diobadh. Chan eil am mial-chaorach glè bhitheanta san Eilean Sgitheanach, ged a tha e pailt ann an caoraich Shealtainn far am bi e bristeadh na clòimhe gu dona. Air an làimh eile, tha an gartan uile-lathaireach air feadh na Gàidhealtachd ged is gann gu bheil e ann idir ann an Sealtainn. Cha bhiodh guth air a’ ghartan air a’ gheamhraidh sna làithean a dh’fhalbh, agus an fhuachd air cur às dha; ach bho chionn corra bhliadhnaichean tha e - agus na galaran a thèid a sgapadh leis, leithid a’ chrith - air a bhith nochdadh cho tràth ris an Fhaoilleach, comharra eile air blàthachadh na talmhainn ann am beachd cuid.

Le taing do Dhòmhnall Iain Mac’Illinnein, an t-Àth Leathainn.

Neil MacRath

Crofter 88 - Litir Bhon Cheathramh

Am b’ urrainn dhut còrr is US $500,000,000 (‘S dòcha gu bheil an àireamh nas àirde.) a dhiùltadh nuair a chaidh a thairgsinn dhut? An urrainn dhut a dhèanamh, is tu cho bochd ris na faoileagan, a’ fuireachd ann an lùid dhe carabhan gun teas is uisge? Bhoil ‘s e sin a rinn na Lakotah, nuair a chaidh an suim sin a thairgsinn dhaibh airson Paha Sapa (The Black Hills), agus tha e na phàirt dhe stòraidh suarach anns an do thuit Alba bho chionn ghoirid.

Air làrach-lìn a BhBC, chunnaic mi colbh mu pròiseact fo sgèith Historic Scotland agus Sgoil Ealain na h-Alba, far a bheil iad an sàs a’ dèanamh ìomhaighean 3D dhe Mount Rushmore, anns na Stàitean. Chaidh Mount Rushmore ainmeachadh mar “international heritage landmark”, agus, an internationally recognisable and emblematic site.” Chunnacas am pròiseact mar chothrom, “to showcase expertise” air beulaibh an t-saoghail. Dè tha ceàrr? Bhoil…

Tha Mount Rushmore, na phàirt dhe Paha Sapa, an t-àite as naoimhe a th’ ann dha na Lakotah, agus àite a chaidh a goid bhuapa calg-dhìreach an-aghaidh aonta leis an riaghaltas – aonta an dèidh dha Red Cloud làmh an uachdair fhaighinn a’ sabaid an aghaidh saighdearan riaghaltais. A dh’aindeoin cho cudromach sa tha an t-àite, agus gun deach a ghoid, chaidh aodainnean dhe Cinn-suidhe nan Stàitean a shnaidheadh ann eadar 1920 -40. Bhiodh e col’ach ri swastika a chur air Balla a’ Chaoinidh ann an Ierusalem. Chan eil ann ach ìomhaigh dhe brùideileachd, fòirneart, agus feallsanachd chlaon mar Manifest Destiny. ‘S e cruth fiosaigeach dhe na facail, “ ’s leamsa”. Ma bhios e a’ riochdachadh dad, ‘s e mar chaidh Tùsanaich an àite a stampadh fo bròig nuair a chaidh òr a lorg ann. Gus gnothaichean a dhèanamh nas miosa, chan eil muinnitir Ameireagaidh a’ faicinn dad ceàrr air agus, a rèir col’ais, chan eil no an riaghaltas nàiseanta againne a thug airgead dhan phròiseact 3D, agus a mhol e.

Nuair a chunnaic mi an stòraidh, sgrìobh mi dhan riaghaltas agus fhuair mi freagairt bàigheil bho Rob Gibson, agus bho chuideigin à oifig Fiona Hyslop. Chì sinn dè thig às. Dhomhsa bhiodh e iomchaidh a bhith a’ tarraing às bhon phàirt dhen phròiseact a tha a’ dèiligeadh le Mount Rushmore. Tha na Lakotah a’ strì ri bhith beò air an fhearann aca fhèin, a’ chànan aca a chumail beò, fèinmeasadh a chumail ri chèile, agus stiùireadh fhaighinn air an dòigh beatha aca fhèin. ‘S iad na h-aon amasan a th’ aig muinntir na h-Alba, gu h-àraidh na Gàidheal. Bu chòir dhuinn a bhith nar seasamh rin taobh!

Thàinig an colbh seo le Alasdair MacMhaoirn a-mach an toiseach anns a’ Bratach.

Crofter 86 - Machraichean fo Bhàrr

Tha na machraichean air taobh an iar nan eileanan an iar prìseil agus luachmhor oir is ann air am feadh a gheibhear lusan agus eunlaith a tha tearc agus a tha air a dhol a bith ann an àiteachan eile.

Tha cunnart ann, leis na dòighean obrach a tha aig croitearan an latha an diugh, gun teid cron a dheanamh air an talamh ghaineamhach seo.

A nis tha buidhnean air tighinn còmhla gus ionmhas, luach da mhillean nota, a chruinneachadh a chuireas dion air na h-àiteachan sònraichte seo. Thàinig còrr agus milean bhon aonadh eòrpach agus tuilleadh bho comhairle nan eilean Siar, comann Dion nan eun agus Dualchas Nàdarra na h-alba.

Thuirt am BPA Alasdair Allan, “Tha mise fior thoilichte gu bheilear air ionmhas fhaotainn a shàbhalas cuid den àrainneachd againn a tha cho prìseil.”

Leis an airgiod bheirear taic do chroitearan gus an talamh àiteach agus bàrr a thogail anns an t-seann nòs. Bhiodh sin a’ciallachadh gu cumadh na croitearan crodh agus caoraich air a’mhachaire agus gun gearradh iad pàirt den arbhar gus a cheangal na sguaban. an sin chuireadh iad na sguaban ann an suidheachain agus as deidh sin na chruachan beaga air an achadh agus mu dheireadh na chruachan mora anns an iodhlainn. Dh’fhagadh iad caoibean de thalamh gun àiteach aig cìnn nan iomairean far am fàsadh feur agus lusan a chòrdas ri eòin mar an traon.

Tha an liuthad laimhseachadh seo air an arbhar, a’ deanamh cìnnteach gun tuit siol agus connlach air an talamh far am faigh eòin a tha an impis a’dhol a bith, mar gealag bhuachair agus an cadhag dhearg, biadh gu leòr Tha na beilearan mora cumhachdach a tha croitearan a’cleachdadh an diugh a’slugadh siol agus connlach agus gan cur ann am pocannan plastaic agus chan fhaigh na h-eòin bheaga dad a sgrobas iad.

Tha Ena NicDhòmhnaill as a’chaolas ann an uibhist a-Tuath, a’caoidh mar a dh’fhalbh na seann dòighean air àiteachas. Tha i ag radh, “Theid mi sios chun a’mhachaire anns an fhoghar agus chan fhaic mi sguab neo suidheachan. agus rud eile, anns an earrach chan fhaic mi duine a’feamanadh. Tha iad a’cleachdadh tobhar gallda. chaneil eòin bheaga bhòidheach ann mar a b’àbhaist.”

Tha e air a mheas gu bheil sia deug mìle de eoin ghrunnachaidh mar a’ churracag agus am bodhag agus na ceudan de sheòrsachan de bhiastagan, air na machraichean. Tha moran de eòin eile, mar an gille- feadaig, am maor chladaich, an gealan beinne agus an traon beò orra cuideachd.

Anns an t-samhradh bidh brat ioma- dhathach, a tha miorbhuileach ri fhaicinn, de fhlùraichean, air na machraichean. Tha sinn gu math eòlach air feadhainn dhiubh, mar bàrr a’bhrisgein, bròg na cuthaig, agus an trì-bhileach ach tha na ficheadan ann. Bidh luibh-eolaichean a’tighinn as gach cearn gus sgrùdadh a dheanamh orra. Tha e cudthromach nach teid tobhar gallda a chur air an talamh seo.

Tormod Domhnallach

Crofter 85 - Pàigheadh airson geòidh a reamhrachadh

Tha geòidh air a bhi ri miasdadh anns na h- eileanan air taobh an iar Alba airson moran bhliadhnachan. Tha iad a’ saltairt feur agus fochann agus a’ salach an talamh los nach ith beathaichean am beagan a bhios air fhàgail.

Tha e coltach gu bheil cùisean mar an ceudna anns an h-eileanan anns a’ cheann a-tuath. Ann an Arcaibh, thairis air an deich bliadhna mu dheireadh, tha àireamh nan eun air eirigh gu cunnartach Tha feadhainn de na geòidh a’fuireach fad na bliadhna agus tha barrachd is barrachd a bhiodh ri imrich cuain a stad agus a’ fantail, nuair a chì iad an càirdean a tha air an dachaidh a dheanamh anns na h-eileanan. B’àbhaist dhaibh, nuair a thigeadh iad, aig toiseach an fhoghair, cron a dheanamh air an arbhar. sgiolaidh ealtainn dhiubh iomaire de choirce neo de eòrna ann an tiotan.agus le an spògan- snàmhaidh, pronnaidh iad an talamh agus gach nì a tha a’fàs air.

An dràsta tha uiread dhiubh ann fad na bliadhna agus gu bheil iad ag ithe feur òg a dh’fhàsas anns an Earrach agus air am bu chòir crodh agus caoraich a bhith ag ionaltradh anns an t-samhradh. Thuirt Adrian Miller a tha ri àiteachas ann an stronsaidh, “Tha e a’ cur dragh agus àmhghar oirnn nuair a phàigheas sinn suas ri coig cheud nota son tunna de thodhar Gallda a chuireas am feur òg gu fàs ach ann am beagan mhionaidean thig treud de dh’geòidh agus cha bhi bileag air fhàgail. Am beagan a dh’fhàsas anns an fhoghar cha bhi e ach truagh, tana agus an sin nì iad diol air a-rithist. is e gnothach gu math tàmailteach a tha ann a bhith a’cur a-mach airgiod airson geòidh a reamhrachadh, an àite crodh agus caoraich”. Tha domhnall Tormod domhnallach, a Clachan shannda an Uibhist a-Tuath ag aithris gur ann mar sin a tha cuisean anns na h-Eileannan an iar. Thuirt e, “Tha sinne a’pàigheadh airson eòin a’ reamhrachadh.”

Tha treud dhiubh, anns a bheil e air amas a tha eadar coig agus sia ceud, a-nis a’ fuireach fad na bliadhna, air eilean stronsaidh. Anns an Earrach chithear brat tiugh de na h-eòin oga air an locha agus iad a’tòiseachadh air snàmh.

Thar nam bliadhnachan tha e ri fhaicinn mar a tha na geòidh ag atharrachadh.oir tha iad a-sior fhàs soitheamh agus a’ gluasad nas fhaisge air taighean agus air daoine Chan fhada a bhios eagal aca ro neach sam bith agus.chaneil e furasta an cur gu teicheadh. Bhiodh na bodaich ag ràdh gun ith sia geòidh uiread de dh’fheur ri gamhainn.. Ma chumas iad air briodachadh anns na h-eileanan chan fhada gus nach bi gamhainn air fhàgail ann an Uibhist

Tormod Domhnallach